top of page

Oighreachd Ghabhsainn aig Ceud Bliadhna: Carragh-chuimhne ‘Na Dorsan’ a’ Comharrachadh Eachdraidh na Sgìre



Gabhsann bho Dheas, An Dùbhlachd 2023 - ann an com-pàirteachas le Comhairle Coimhearsnachd Àiridh an Tuim, Comunn Eachraidh Nis agus Comataidh Ionaltraidh Ghabhsainn, tha Urras Oighreachd Ghabhsainn air leth toilichte planaichean a chur an cèill airson pròiseact sònraichte a chur air dòigh gus ceud bliadhna de dh’Oighreachd Ghabhsainn a chomharrachadh. Thig an t-sreath de thachartasan gu ceann leis a’ chiad sealladh air carragh-chuimhne tharraingeach ùr, ‘Na Dorsan’, anns an Fhoghar 2024.


Ann an 1924 thàinig atharrachadh buadhmhor air slighe Oighreachd Ghabhsainn nuair a fhuair lethcheud ’s a dhà teaghlach dachannan ùr ann an Gabhsann bho Dheas, Gabhsann bho Thuath agus Mealabost Bhuirgh. Thòisich sluagh Ghabhsainn a’ tilleadh dhachaigh às gach ceàrnaidh ann an ath-thogail coimhearsnachd a mhair fad bhliadhnaichean.


Ann an 2024, ceud bliadhna an-dèidh an tachartais aibheisich seo, tha muinntir Ghabhsainn an dùil strì agus sàr-obair an sinnsearan a chomharrachadh mar sgìre. Thèid a’ charragh-chuimhne ‘Na Dorsan’ fhosgladh don phoball, le cuireadh do gach neach beagan ùine a chur seachad aice, a’ cuimhneachadh air na thachair agus a’ dèanamh gàirdeachais air eachdraidh phrìseil na cruth-tìre sònraichte againn fhìn. Bidh an tachartas seo a’ toirt taing airson na dh’fhalbh, a’ dèanamh fèill air na tha ann an-dràsta, agus a’ toirt sùil air na tha ri thighinn.


Tha ‘Na Dorsan’ fo stiùir luchd-ealain chliùiteach Will MacIlleathain agus Marian Level, aithnichte airson an cuid obrach air carraighean-chuimhne leithid an Iolaire agus Sùileachan. ’S ann acasan a tha an lèirsinn a bheir a’ charragh-chuimhne seo gu buil ann am pòsadh cumhachdach eadar ealain is eachdraidh. A bharrachd air a’ chiad sealladh phoblach dhan charragh-chuimhne, bidh prògram de thachartasan ionadail a’ gabhail àite, a bhios ag aithneachadh na tha air tachairt thar nan ceud bliadhna a dh’fhalbh ann an dòigh a bheir a’ choimhearsnachd air fad na lùib.

 

Mar cheum mhòr sa phròiseact, chaidh cead-planaidh airson ‘Na Dorsan’ a stèidheachadh a chur a-steach.


Cumaibh cluas ri claisneachd airson tuilleadh fiosrachaidh ann am Fios, na meadhanan sòisealta aig Urras Oighreachd Ghabhsainn, agus ann an irisean is pàipearan ionadail. Bidh am pròiseact seo mar dhìleab air cultar is dualchas a tha cudromach dhuinn uile agus a dh’atharraich a’ choimhearsnachd anns a bheil sinn a’ fuireach. 

 

 


na Dorsan, Artist Impression, Marian Leven
na Dorsan, Artist Impression, Marian Leven

 



Honouring a Century: Galson Estate to Unveil Monument "na Dorsan" Marking Transformative Moments

 

South Galson, December 2023 — Urras Oighreachd Ghabhsainn, in collaboration with Airidhantuim Community Council, Comunn Eachdraidh Nis, and Galson Grazing Committee, proudly announces plans for a monumental project to commemorate the centenary of the Galson Estate. This historic endeavour, marking 100 years of transformation and community ownership, will culminate in the unveiling of a captivating memorial sculpture named "na Dorsan" in the Autumn of 2024.


In 1924, Galson Estate's story underwent a profound transformation as fifty-two families found new homes in Melbost, South Galson, and North Galson. This momentous event marked an unforgettable homecoming for Galson's sons and daughters, who had scattered across the land, hailing from Dell, Borve, Shader, Carloway, Fivepenny Ness and further afield. It was a homecoming that spanned decades, punctuated by significant confrontations in 1887-8 and 1919-23.


In 2024, exactly one hundred years later, we plan to gather to pay homage to their unwavering spirit and dedication. The "Na Dorsan" monument will be unveiled as a poignant space for reflection on our shared history and a chance to immerse ourselves in the landscape we proudly call home. This is more than just an event – it's a tribute to the past, a celebration of the present, and a promise for the future.


"Na Dorsan" is guided by recognised artists Will Maclean and Marian Leven, celebrated for their work on memorials such as the Iolaire and Sùileachan. They lead the creation of this forthcoming monument, which promises to seamlessly blend art and history into a breath-taking masterpiece. The monument's unveiling will be accompanied by a thoughtfully curated program of local events, ensuring that the centenary is commemorated in a meaningful and memorable way.


The planning permission application for this monumental sculpture has recently been submitted, marking a significant step forward in the realisation of this project.


ENDS


//


 
Featured Posts
Recent Posts

Home    |    About Us    |    Crofting Information    |    News    |  Careers |  Privacy Notice   |  Contact Us

Urras Oighreachd Ghabhsainn,

Business Centre,

Tom na Bà,

South Galson, Isle of Lewis HS2 0SH

Tel: 01851 850 411 
Email: office@uogltd.com

A company registered in Scotland - No: 273903 Companaidh Clàraichte an Alba
A registered Scottish Charity - No: SC036903 Carthannas Clàraichte an Alba

Subscribe to our newsletter!

Thanks for subscribing!

  • Facebook - Black Circle
  • Instagram - Black Circle
  • LinkedIn
  • YouTube

Copyright © 2025

Urras Oighreachd Ghabhsainn | Eilean Siar | Alba

Galson Estate Trust | Outer Hebrides | Scotland

Proudly created with Wix.com by Sradag Creative

bottom of page